Use this URL to cite or link to this record in EThOS: http://ethos.bl.uk/OrderDetails.do?uin=uk.bl.ethos.716941
Title: Cultar agus an comann-sòisealta ann an Ìle, mu 1890 gu 1960
Author: MacAilpein, Tòmas
Awarding Body: University of Glasgow
Current Institution: University of Glasgow
Date of Award: 2017
Availability of Full Text:
Access from EThOS:
Access from Institution:
Abstract:
Tha an tràchdas seo na eachdraidh chultarach air Ìle, eilean ann an ceann an iar-dheas na Gàidhealtachd, le cuideam air 1890 gu 1960. Tha e ag amas air cultar Gàidhlig nan Ìleach a chur na cho-theacs sòisealta, le bhith a’ beachdachadh air an t-suidheachadh anns an nochdadh cuid de na gnèithean cultarach a bu chudromaiche, agus air na daoine a bha an sàs ann a bhith gan cumail suas. Tha e airson an dàimh eadar cultar agus an comann-sòisealta nas fharsainge a sgrùdadh, le a bhith a’ smaoineachadh air cultar mar dhòigh air coimhead air an t-saoghal, agus mar phàirt bhunaiteach den t-saoghal sin. Tha obair a’ Mharxaich Eadailtich, Antonio Gramsci, a’ toirt buaidh mhòr air an rannsachadh, agus ’s ann air ceistean a thaobh cumhachd, clas agus gnè a thathas gu tric a’ cnuasachadh. ’S e prìomh amas na h-obrach atharrachadh taobh a-staigh a’ chultair a thuigsinn anns an àm-sgrùdaidh shònraichte seo, nuair a b’ urrainnear fhathast bruidhinn air ‘coimhearsnachd Ghàidhlig’ ach far an robh a’ Bheurla a’ sìor fhaighinn làmh an uachdair. ’S ann air trì prìomh chuspairean a tha an rannsachadh: beul-aithris, bàrdachd agus creideamh. Tha caibideil air cruinneachadh beul-aithris Eachainn MhicGillEathain agus Iain Òg Ìle (1859-1862) rud beag ron phrìomh àm-sgrùdaidh, agus tha seo a’ coimhead air obair a’ chruinneachaidh fhèin, àite nan seann sgeulachdan ann an Ìle, agus air na sgeulaichean Ìleach. Thathas an uair sin a’ gluasad gu cruinneachadh beul-aithris Elizabeth Kerr a bha stèidhichte ann am Port Sioba, san Roinn Ìlich, eadar mu 1893 agus 1910, agus a’ sireadh fiosrachadh air cuimse eadar-dhealaichte a’ chruinneachaidh seo agus na tha toraidhean na beul-aithris ag innse mun chomann-shòisealta. Anns a’ chaibideil air bàrdachd san 20mh linn, thathas a’ faighinn a-mach mun cheathrar bhàrd mu dheireadh a bha foillsichte, air na bha aca ann an cumantas agus àite romansachais agus impirileis nan cuid obrach. Às dèidh seo, tha caibideil air òrain anns na clàraidhean-fuaim Ìleach a rinn Sgoil Eòlais na h-Alba eadar 1953 agus 1969. Thathas a’ beachdachadh air na fiosraichean, air na seòrsaichean òran a bha rim faotainn – agus nach robh – agus làthaireachd òrain nam bàrd Ìleach foillisichte. Bithear cuideachd a’ toirt cunntas air buaidh mhòr a’ Chomuinn Ghàidhealaich anns an eilean. Mu dheireadh, anns a’ chaibideil air creideamh tha ceist oirnn mu dè cho eadar-dhealaichte ’s a bha suidheachadh a’ chreideimh ann an Ìle an taca ri ceàrnaidhean Gàidhealach eile, thathas a’ cleachdadh staitistig airson obrachadh a-mach dè cho cudromach ’s a bha gach buidheann-eaglais, a bharrachd air fianais beul-eachdraidh airson smaoineachadh air àite a’ chreideimh ann am beatha dhaoine.
Supervisor: Not available Sponsor: Not available
Qualification Name: Thesis (Ph.D.) Qualification Level: Doctoral
EThOS ID: uk.bl.ethos.716941  DOI: Not available
Keywords: DA Great Britain ; GR Folklore ; PB1501 Scottish Gaelic Language
Share: