Use this URL to cite or link to this record in EThOS: http://ethos.bl.uk/OrderDetails.do?uin=uk.bl.ethos.637661
Title: An dàn fada Gàidhealach, 1900-1950 : sgrùdadh ioma-chuspaireil air corpas air dìochuimhne
Author: Mac Leòid, Aonghas Uilleam Gearóid
ISNI:       0000 0004 5361 3425
Awarding Body: University of Glasgow
Current Institution: University of Glasgow
Date of Award: 2014
Availability of Full Text:
Access through EThOS:
Access through Institution:
Abstract:
Tha an tràchdas seo a’ coimhead air buidheann de dhàin fhada a nochd aig toiseach an fhicheadaimh linn. Cha deach cus ùidh a shealltainn sna dàin seo bho sgrùdairean Gàidhealachadh sa chiad dol a-mach. Bho chrìoch an fhicheadamh linn, tha ùidh air nochdadh sna dàin seo a-rithist, gu h-àraidh An Cuilithionn, Aeòlus agus Balg agus Mochtàr is Dùghall. Ach ’s e an tràchdas seo a’ chiad sgrùdadh domhain air a’ bhuidheann seo de dhàin nan aonar. Gus an rannsachadh seo a dhèanamh thèid corpas a lorg am measg leabhraichean agus irisean bhon àm, agus na co-chruinneachaidhean a chaidh fhoillseachadh nas anmoiche. Thèid taghadh a dhèanamh a tha a’ riochdachadh prìomh fheartan nan dàn seo. Thèid rannsachadh a dhèanamh air cuid de dh’eisimpleirean bhon 18mh agus 19mh linn ann an Caibideil 2. Air sgàth ’s an uidhir de shurbhaidhean nas fharsainge a tha ri fhaotainn de litreachas na Gàidhlig, seallaidh an sgrùdadh sin air feartan sònraichte. Chìthear mar a chleachd bàrdachd Mhic Mhaighstir Alasdair cruth a’ chiùil mhòir gus gnè-sònraichte ùr de dhàin fhada a chur air bog ann an 1751. Ghabhar sùil mar an ceudna air Uilleam MacDhùn-Lèibhe air tàilibh a bhuaidh air Somhairle MacGill-Eain, agus gu robh amasan nàiseantach agus socio-cànanachais an Ìlich ri fhaicinn anns a’ mhòr-chuid de bhàird a’ chorpais cuideachd. Seallaidh Caibideil 3 air na bàird fhèin, gu h-àraidh na beachdan aca agus na ceanglaichean eatorra. Bha iad seo ri fhaicinn ann an saoghal litreachais agus poilitigs. ’S e prìomh amas na h-anailisean (Caibideilean 4-10) tuigse nas fheàrr fhaighinn an dà chuid air na dàin fhèin agus air ceistean teòiriceil a tha a’ buntainn ris a’ chorpas. ’S e an dàrna amas barrachd dhòighean-obrach teòiriceil a chleachdadh sa Ghàidhlig gus bruidhinn air litreachas na cànaine. Stèidhicheadh na h-anailisean air na feartan a bha ri fhaicinn anns gach dàn, a leithid iar-phlanntachais ann am Mochtàr is Dùghall, air neo air coimeasan a bha gus tuigse nas fheàrr a thoirt seachad air a’ chorpas shlàn. Bidh na h-anailisean seo a’ dearbhadh cuid de na ceanglaichean cudromach a th’ aig litreachas na Gàidhlig ri litreachasan Eòrpach eile, air uairean airson a’ chiad uair. Tha an co-dhùnadh a’ tilleadh do sealladh nas fharsainge air a’ chorpas. Chìthear gu bheil buidheann sònraichte de dhàin ri fhaicinn bhon chiad leth den fhicheadamh linn, dàin nach deach a sgrùdadh còmhla riamh. Tha na dàin seo ceangailte ann am meud, cuspairean, iomraidhean agus amasan nam bàrd. Leasachaidh tuigse nas fheàrr air na dàin seo an t-eòlas a th’ againn air bàrdachd na Gàidhlig, gu h-àraidh sna bliadhnaichean nuair a bha na nua-bhàird a’ nochdadh an toiseach.
Supervisor: Not available Sponsor: Not available
Qualification Name: Thesis (Ph.D.) Qualification Level: Doctoral
EThOS ID: uk.bl.ethos.637661  DOI: Not available
Keywords: PB1501 Scottish Gaelic Language ; PN0080 Criticism ; PN0441 Literary History
Share: